Teksty piosenek > M > Mànran > An Eala Bhàn
2 658 046 tekstów, 31 893 poszukiwanych i 631 oczekujących

Mànran - An Eala Bhàn

An Eala Bhàn

An Eala Bhàn

Tekst dodał(a): Yasi Edytuj tekst
Tłumaczenie dodał(a): brak Dodaj tłumaczenie
Teledysk dodał(a): Avarothus Edytuj teledysk

Tekst piosenki: Mànran - An Eala Bhàn

Gur duilich leam mar tha mi
‘S mo chridhe ‘n sas aig bron
Bhon an uair a dh’fhag mi
Beanntan ard a’ cheo
Gleanntannan a’mhanrain
Nan loch, nam bagh ‘s nan srom
‘S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air ‘m bheil mi ‘n toir.

A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas-
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
‘S nach tog a’ ghrian an aird.

Tha ‘n talamh leir mun cuairt dhiom
‘Na mheallan suas ‘s na neoil;
Aig na ‘shells a’ bualadh -
Cha leir dhomh bhuam le ceo:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a’ ghunna mhoir;
Ach ged tha ‘n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid.

Mas e ‘s gu bheil e ‘n dàn dhomh
on bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi ‘n t-àite
san deach ar n-àrach òg
An sin bidh crathadh làmhan ann
is bilean blàth toirt phòg
‘S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
le fainne chur mud mheòir.

Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath;
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise ‘n seo ‘s an truinnsidh fhuar
‘S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh -
Tha ‘n cuan cho buan ri shnamh.

 

Dodaj adnotację do tego tekstu » Historia edycji tekstu

Tłumaczenie: Mànran - An Eala Bhàn


Płyty:

Mànran

Edytuj metrykę
Komentarze (0):
tekstowo.pl
2 658 046 tekstów, 31 893 poszukiwanych i 631 oczekujących

Największy serwis z tekstami piosenek w Polsce. Każdy może znaleźć u nas teksty piosenek, teledyski oraz tłumaczenia swoich ulubionych utworów.
Zachęcamy wszystkich użytkowników do dodawania nowych tekstów, tłumaczeń i teledysków!


Regulamin | Kontakt | FAQ | Polityka prywatności | Ustawienia prywatności