Teksty piosenek > C > Calum Kennedy > Gad' chuimhneachadh
2 450 791 tekstów, 31 571 poszukiwanych i 304 oczekujących

Calum Kennedy - Gad' chuimhneachadh

Gad' chuimhneachadh

Gad' chuimhneachadh

Tekst dodał(a): JTK1964 Edytuj tekst
Tłumaczenie dodał(a): brak Dodaj tłumaczenie
Teledysk dodał(a): JTK1964 Edytuj teledysk

Tekst piosenki:

Mi 'm shuidh an seo gad' chuimhneachadh
A mhaighdeann aoidheil chiùin
Gu bheil mi sgith de'n t-saoghal seo
Bho chuir thu rium do chùl
Ged dh'fhalbhainn as an dùthaich seo
A null gu tírean cein
Gum bi mo chrídh' ri bualadh
Airson gruagach a chuil-reidh

Ged dhealaich sinn an dràsda
Cha b'e d'fhàgail bha 'nam mhiann
Thug fear eile làmh dhuit
Mu'n do ràinig mis' thu riamh
'S an crídh' tha cruaidh mar iaruinn
Ged bu mhiann leis bhith ort dlùth
Cha bhrist e chaoidh son bòidhchead
Nighneag òg nan sùilean ciùin'.

Carson a bhios mi cuimhneachadh
Na h-oidhcheanan a bh'ann
An diugh nan aobhar chianalais
Gur iad a liath mo cheann
'S ged 's toigh leam a bhi smaoineachadh
Gu faodainn bhi ort teann
Tha h-uile ni cho caochlaideachd
'S an t-saoghail bhochd a th'ann

Ach feumaidh mi co-dhùnadh
Chan eil ùin' ann son a chòrr
Chan eil ann ach faoineas dhomh
Bhi caoineadh son do shéors'
Ach molaidh mi gu bràth thu
'Son do nàdur blàth gun ghò
Is nuair thig crioch do làithean
Gum bi àite dhuit an glòir

 

Dodaj adnotację do tego tekstu » Historia edycji tekstu

Tłumaczenie :


Autor:

(brak)

Edytuj metrykę

Komentarze (0):

tekstowo.pl
2 450 791 tekstów, 31 571 poszukiwanych i 304 oczekujących

Największy serwis z tekstami piosenek w Polsce. Każdy może znaleźć u nas teksty piosenek, teledyski oraz tłumaczenia swoich ulubionych utworów.
Zachęcamy wszystkich użytkowników do dodawania nowych tekstów, tłumaczeń i teledysków!


Reklama | Kontakt | FAQ Polityka prywatności